dorch an nochd tha'n t-eilean
dathan air am fuadach far nam beann
tha faileas a'tuiteam bhon an stor
mar t-fhalt dorch a suabadh do cheann
's mi 'gad ionndrain ho ro
de math an tobar gun an t-uisge
de math an corp gun cridh'
nam biodh neart an stoir 'nam lamhan
bhiodh sinn le'r cheile's an eilean a rithis
's mi 'gad ionndrain ho ro
's doch nach fhaigh sinn neamh no beatha eile
nuair a dhuineas suilean aig deireadh lath
ach fhuair mi mo neamh an seo's an aite
far an d'thug thu dhimh do lamh's do cridhe slan
's mi 'gad ionndrain ho ro