moladh uibhist

fowlis, julie

's e mis' bhith fada bho thir m' eolais

chuir le bron gu gluasad mi

bhon tha an cianalas gam leon

gun eolaich a bhith mun cuairt orm

feuchaidh mi ri teud mo bheoil

an cuir i 'n ordugh duanag dhomh

air uibhist ghleannach

ghorm an fheoir

's air pairt de dhoigh an t-sluaigh a th' ann

mullach langais nuair a chi mi

bheir i inntinn shuaimhneach dhomh

's aotrom a ghearras mi sinteag

direadh ris a' ghualainn aic'

nochdadh sios ri tir an aigh

's ri taighean blath an t-sluaigh a th' ann

's ri eilean mhorghaidh air an traigh

ged 's tric muir-lan 'ga chuartachadh

'm paibeil far an do bhlais mi trath

air baidh na mathair bhuanghradhaich

far am fas an t-eorna 's fhearr

gu diasach

grainneach

dualanach

dh'araich iomadh laoch gun sgaig

's na baird a b' fhearr a chuala sinn

bidh e tighinn gum chuimhne ghnath

gach coibhneas baidh a fhuair mi ann

bu bhreagha sealladh sa mhios mhaigh

na raontan lan de ghruagaichean

air an aghaidh fiamh a' ghaire

's air an gairdean buaraichean

dol dhan bhuailidh leis na laoigh

ni geum cho binn 's a chuala sinn

an crodh gam freagairt aig a' chuidh'

's gum b' ard a chluinnte nuallraich iad

an cille mhoire 'n am an orduigh

's an am nam bord a chuartachadh

dhireamaid ri leathad phoil

's bhiodh sealladh bronach

truasal ann

sean is og a' sileadh dheoir

air tolmain bhoidheach uainbhratach

's a' smaointinn air luchd-daimh nach beo

bhith siud fo 'n fhod air fuarachadh

mnathan ciatach

tosdach

ciallach

modhail

rianail

luathlamhach

caite nise 'n cualas riamh

a' spiocaireachd ri fuaite riu'?

's minig a thaisbean iad am fialachd

's iomadh dhiomh le truacantas

gur tric thug iad don acrach biadh

is aite-dion bhon fhuachd thoirt dha

tir mo dhaoine

tir mo ghraidh

ged theireadh cach gur duanaidh i

cha do dhealraich grian air aite

leth cho alainn snuadh rithe

's ged nach fhaicear innte craobh

gu faicear fraoch is luachair innt'

agus muran dubhghorm na raon

's iad taobh ri taobh gu cuaileanach

tha cuid sliabh mar bha iad riamh

gu fasgach

feurach

fuaranach

cnocach

gleannach

sgorach

grianach

lusach

riasgach

cruachanach

far am faigh a' chaora diol

's gun eis gum biadh i h-uan orra

's bheir iad daonnan don fhiadh

a dheoch

a bhiadh

's a chluasagan

tha 'n sealladh mu dheireadh den ghrein

's i 'n deidh gach speur a chuartachadh

air fhaicinn na mo dhuthaich fhein

's i moch ag eirigh suas oirre

criochnaichidh mi 'n diugh mo sgeul

's e tim a gheill san uair seo dhomh

's ged gheibhinn dusan saoghal feidh

cha chuir mi 'n ceill gach buaidh a th' oirr'

Full Lyrics: moladh uibhist - fowlis, julie